Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

Cànan nan Gàidheal

Ro-ràdh

’S e dùthaich ioma-chànanach a tha ann an Alba an-diugh. Tha a’ Ghàidhlig, Albais agus Beurla, còmhla ri cànain Eòrpach agus eile a tha nise san dùthaich, uile a’ toirt buaidh air mar a tha sluagh Alba a’ bruidhinn ri chèile agus ris a’ chòrr dhen t-saoghal.

Chaidh an t-aonad seo - a tha ri fhaotainn an Gàidhlig agus am Beurla - a chruthachadh le misneachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus le taic bhon a’ BhBC. Tha e na ghoireas do dhuine sam bith aig a bheil ùidh phearsanta no phroifeiseanta ann a bhith a’ cur ris an eòlas agus an tuigse a tha aca air eachdraidh agus buaidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal air Alba.

Is mathaid gum bi pàirt dheth na iongnadh, pàirt na dhùbhlan. Tha beachdan agus ceangalan ann a threòraicheas neach gu tuilleadh fiosrachaidh. Do chuid, ’s dòcha gum bi seo na thoiseach tòiseachaidh air cànan a tha bunaiteach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba ionnsachadh.

Tha seachd earrainnean san aonad, agus faodar dèiligeadh riutha mar a tha iad a’ tighinn no an òrdugh sam bith. Tha an t-aonad seo cuideachd ri fhaotainn air àrainn OpenLearn Works, far am faod sibh a luchdachadh a-nuas, ur dreach fhèin a chur air na stuthan agus an cleachdadh airson teagasg no a chum leasachadh a thoirt air eòlas luchd-obrach.

Clàr-innse

  1. A’ Ghàidhlig mar chànan nàiseanta ann an Alba
    • Seo far an ionnsaich thu mun àite a tha aig a’ Ghàidhlig ri taobh Albais agus Beurla mar aon de chànain nàiseanta na h-Alba. Mar eisimpleir, le rannsachadh a dhèanamh air ainmean-àite dh’ionnsaichidh tu mun bhuaidh a tha aig a’ Ghàidhlig thairis air Alba cha mhòr air fad.
  2. Bun-tùsan Ceilteach agus sgaoileadh eadar-nàiseanta
    • Bheir an earrainn seo dhut tuigse air bun-tùsan na Gàidhlig mar chànan Ceilteach le dlùth chàirdeas ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn. Cluinnidh tu agus chì thu mar a thug eilthirich a’ Ghàidhlig gu ruige Ameireaga a Tuath agus mar a tha daoine air feadh an t-saoghail a-nise ag ionnsachadh Gàidhlig.
  3. A’ Ghàidhlig san latha an-diugh
    • Bheir an earrainn seo dhut dealbh air cò a tha a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh. Cuidichidh e thu gus tuigse fhaighinn air na h-adhbharan a chrìon àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba agus an obair a tha an Riaghaltas, ionadan foghlam agus buidhnean neo-eisimeileach a’ dèanamh gus taic a thoirt dhan chànan agus fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt.
  4. A’ Ghàidhlig – feallsanachd
    • Tha an earrainn seo ag iarraidh ort beachdachadh air an luach a tha aig dà-chànanas agus ioma-cànanas do dhaoine fa leth agus don chomann-sòisealta. Tha Sealan Nuadh na dheagh eisimpleir air mar a tha dùthchannan eile a’ strì gus dìon a chur air am mion-chànain agus gu bhith subhach mu na tha iad a’ cur ri beatha na dùthcha.
  5. Mar a tha a’ Ghàidhlig ag obair
    • Cluinn mar a tha a’ Ghàidhlig air a fuaimneachadh agus faigh blasad air litreachadh agus grammar.
  6. Cultar nan Gàidheal: maoin nàiseanta
    • Dealbhan, dealbhan beò agus mòran cheangalan gus do chuideachadh a’ tuigsinn mar a tha a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a’ cur ri beatha na h-Alba a thaobh litreachas, ealain, ceòl, dannsa agus spòrs is cur-seachadan.
  7. Ceistean Cumanta
    • Liosta de cheistean cumanta mun Ghàidhlig a bhios feumail do dhaoine a dh’fheumas freagairtean ann an cabhaig mu fìrinn agus figearan a thaobh na Gàidhlig.

Find out more about studying with The Open University by visiting our online prospectus [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)]