1 A’ Ghàidhlig mar chànan nàiseanta ann an Alba
1.1 Ro-ràdh
Tha iomadh cànan air a bruidhinn ann an Alba agus bha riamh. Anns an dòigh sin, tha i coltach ris a’ chuid as motha de dhùthchannan air feadh an t-saoghail. Ann am beachd mhòran, buinidh a’ Ghàidhlig don Ghàidhealtachd agus na h-eileanan air an taobh an iar, ach chan eil an sgaradh eadar Gàidhealtachd is Galltachd a’ riochdachadh gu coileanta eachdraidh fhada ioma-fhillte na dùthcha.
Gu dearbh, de na cànanan Albannach a chaidh a chlàradh, ’s e a’ Bheurla Shasannach a-mhàin a sgaoil na b’ fharsainge na a’ Ghàidhlig ann an Alba. ’S iad na h-aon roinnean riaghlaidh anns an latha an-diugh aig nach eil dualchas Gàidhlig an ìre mhath mòr Na h-Eileanan mu Thuath – Arcaibh is Sealtainn. Bha na h-eileanan sin taobh a-muigh Alba (agus ‘A’ Ghàidhealtachd’ a dh’èirich innte) nuair a bha na Gàidheil a’ smachdachadh na rìoghachd, agus tha muinntir Arcaibh is Shealtainn dìleas don dualchas Lochlannach aca. Anns an aonad seo, bheir sinn sùil air a’ cheangal eadar a’ Ghàidhlig agus Alba, an dà chuid a’ Ghàidhealtachd agus a’ Ghalltachd.