2.3 Ainmean-àite Ceilteach
Tha clàran eachdraidheil ainmean threubhan is àiteachan a’ toirt fianais làidir dhuinn mu sgaoileadh nan cànanan Ceilteach. Mar eisimpleir gheibhear lorg air dunum no dunon ‘dùn’ ann an Lugdunum (a-nise Lyons san Fhraing agus Leyden san Òlaind), Camulodunum (a-nise Colchester, Sasainn), Kambodunon (Kempten sa Ghearmailt), Minnodunum (Moudon san Eilbheis), Lugidunum (Legnica sa Phòlainn) agus Singidunum (a-nise Belgrade, Serbia). Tha cuideachd clàr againn bhon 2na linn AC de Tarvedu(nu)m ‘dùn tairbh’ ann am fìor cheann a tuath na h-Alba, a thathar a’ smaoineachadh a bha a’ riochdachadh Ceann Dùnaid ann an Gallaibh. Ged a tha cuid mhath de na h-ainmean seo air a dhol à bith ann an cleachdadh làitheil, tha iad fhathast beò ann an dùthchannan far a bheilear a’ bruidhinn chànanan Ceilteach fhathast. Ann an Alba chithear eisimpleirean mar Dùn Dè, Dùn Phàrlain agus Dùn Gabhail.
Tha ainmean tìre le Gal- annta a’ comharrachadh àiteachan a bha fo smachd Cheilteach, oir b’ e facal eile a bh’ aig na Greugaich airson nan Ceilteach Galatae; bha na Ròmanaich a-mach air Galli. Tha Galicia an dà chuid ann an ceann an iar-thuath na Spàinnt agus air a’ chrìch eadar Ugràin agus a’ Phòlainn.
Tha am buadhair ‘Gallic’, a’ ciallachadh Frangach, a’ comharrachadh mar a dh’èirich an dùthaich sin à Gaul (gu h-inntinneach, bha am facal Gàidhlig Gall o thùs a’ ciallachadh cuideigin à Gaul). Tha dualchas àrsaidh Ceilteach aig Galaitia ann am meadhan na Tuirc, a dh’èirich bho imrich Cheilteach à meadhan gleann na Dainiub gu ruige Masadònia agus a’ Ghrèig anns an 3mh linn RC. Fhuair na miltean de na Ceiltich seo, an dà chuid àrmainn agus an teaghlaichean, cuireadh a dhol an sàs ann an strì ann an Anatolia; às dèidh làimh, dh’fhuirich iad ann. Tha na Galaitianaich ainmeil airson a bhith a’ faighinn litir bhon Abstol Pòl, a tha a-nise na Leabhar anns a’ Bhìoball. Cho fada air adhart ris an 4mh linn AC, sgrìobh an Naomh Jerome gun robh an aon chànan aca ri daoine a bhuineadh do sgìre Abhainn Rinn anns a’ Ghearmailt.