Learning outcomes
Ma chuireas tu crìoch air an aonad seo bu chòir gum biodh tu fiosrachail agus eòlach a thaobh:
an t-àite a tha aig a’ Ghàidhlig ri taobh Albais agus Beurla mar aon de chànain nàiseanta na h-Alba
bun-tùsan na Gàidhlig mar chànan Ceilteach le dlùth chàirdeas ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn agus sgapadh nan Gàidheal
cò a tha a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh, mar a chrìon àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba agus an obair a tha an Riaghaltas, ionadan foghlam agus buidhnean neo-eisimeileach a’ dèanamh gus taic a thoirt dhan chànan agus fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt
mar a tha a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a’ cur ri beatha na h-Alba a thaobh litreachas, ealain, ceòl, dannsa agus spòrs is cur-seachadan
ceistean cumanta mun Ghàidhlig.