Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

1.2 Eachdraidh

Tràth sa chiad mhìle bliadhna AC, ’s iad cànanan Ceilteach a bu mhotha a bh’ air am bruidhinn ann am Breatainn is Èirinn. Ann am Breatainn, bha luchd-labhairt cànan P-Ceilteach anns a’ mhòr-chuid; dh’èirich Cuimris, Còrnais is Breatannais às a’ chànan sin. Ann an Èirinn, bha teanga Q-Ceilteach aig a’ mhòr-chuid – an cànan màthaireil aig Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Èireann is Gàidhlig Eilean Mhanainn. Thathar a’ smaoineachadh gun tug imrichean à Èirinn Q-Ceiltis gu pàirtean dhen Chuimrigh, a’ Chòrn, Eilean Mhanainn agus taobh an iar na h-Alba, ach ’s ann an Alba is Eilean Mhanainn a-mhàin a mhair i beò anns an ùine fhada.

Chan eil a h-uile eòlaiche-eachdraidh a’ gabhail ris a’ bheachd gun do dh’èirich Gàidheil na h-Alba à in-imrich de dh’ Èireannaich gu ruige Alba tràth sa chiad mhìle bliadhna AC. Tha gu leòr dhen fhianais airson sin a’ tighinn bho sheann làmh-sgrìobhainnean leithid Senchus Fer nAlba (Seanchas Fir Alba) agus Eachdraidhean Thigearnaich, ach chaidh na lethbhreacan a th’ againn de na sgrìobhaidhean sin a dhèanamh ceudan bhliadhnaichean às dèidh nan tachartasan air a bheil iad ag aithris agus chan urrainn a bhith cinnteach nach deach an atharrachadh air sgàth adhbharan poilitigeach. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh nach urrainn a bhith cinnteach nach eil na sgeulachdan mu thùs Èireannach aig Gàidhlig na h-Alba a’ cur am falach eachdraidh nas fhaide a tha a’ toirt nan Gàidheal nas fhaide air ais na sin ann an Alba, ’s dòcha gu Linn an Iarainn (timcheall 700 RC gu 500 AC).

Anns na làithean ro chruthachadh einnseanan stèidhichte air connadh, ’s ann aig muir, seach air tìr, a bhiodh daoine a’ siubhal agus a’ gluasad am bathair. Leis cho faisg ’s a tha cladaichean ceann an ear-thuath na h-Èireann agus taobh an iar na h-Alba, bha e nàdarrach gum biodh daoine anns gach dùthaich ann an dlùth-chonaltradh le chèile. Timcheall 500 AC bha rìoghachd bheag Dhàil Riata air a dhol an leud à Ulaidh, gus cuibhreann mhòr de thaobh an iar na h-Alba a chòmhdachadh.

Bha luchd-sgrìobhaidh Laidinn a’ gabhail Scotti air an fheadhainn a bha a’ fuireach anns an dùthaich sin; ’s e Gàidhlig a bh’ aca mar chànan. Ann an Alba bha am fearann aca aig a’ cheann thall a’ dol bho Mhaol Chinn Tìre anns a’ cheann a deas gu ruige Loch Bhraoin anns a’ cheann a tuath. ’S e Airer Goídel (oirthir Ghàidheal) an t-ainm a bh’ air – Earra-Ghàidheal anns an latha an-diugh.

Figear 1 Bha an làrach-coise anns a’ chreig aig mullach Dùn Ad ann an Earra-Ghàidheal air a chleachdadh nuair a bhathas a’ coisrigeadh rìghrean Gàidhealach Dhàil Riata. Fad bhliadhnaichean bhathas an dùil gur e cànan nan Cruithneach a bha anns an t-snaigheadh Ogham a bha faisg air làimh ach ’s e Gàidhlig a tha ann.

Thachair na Gàidheil ri slòigh eile mar a thug iad buaidh air ceàrnaidhean eile de dh’Alba. Anns a’ cheann a tuath, ’s iad na Cruithnich aig an robh cumhachd; thathar a’ smaoineachadh gur e cànan P-Ceilteach a bh’ aig a’ mhòr-chuid acasan. Thairis air a’ cheann a deas, bha na Cuimrich no Breatannaich, aig an robh cànan P-Cèilteach cuideachd, agus anns an earra-dheas bha na h-Anglianaich, feadhainn aig an robh teanga Gearmailteach a bha na sinnsear do dh’Albais agus don Bheurla Shasannaich. Airson timcheall air 600 bliadhna, chaidh a’ Ghàidhlig am meud agus an leud, a’ gabhail thairis bho chànanan eile, ach a-mhàin anns an fhìor cheann a tuath agus san iar-thuath, far an robh Seann Lochlannais ga lagachadh bhon 9mh linn a-mach.

Bha eaglais Chaluim Chille (521-97) cudromach ann an leudachadh na Gàidhlig. À manachainn Eilean Ì, a chaidh a stèidheachadh le Calum Cille ann an 563, chaidh manachainnean beaga a chur air dòigh ann am mòran àiteachan. Thug miseanaraidhean Gàidhealach is Cruithneach an soisgeul thairis air an dùthaich, agus tha e coltach gun robhar a’ cleachdadh na Gàidhlig (a bharrachd air Laideann) barrachd is barrachd.

Mar eisimpleir, tha na notaichean ann an Leabhar Dheir, a rinneadh ann am manachainn Dheir ann an tìr ìosal Siorrachd Obar Dheathain anns an 12mh linn, agus a tha a’ cumail a-mach gun deach a’ mhanachainn a chur air chois gu dìreach à Eilean Ì, air an sgrìobhadh ann an Gàidhlig.

Figear 2 Eisimpleir de na notaichean sgrìobhte an Gàidhlig san 12mh linn air oir duilleig ann an Leabhar Dheir. Cliog an seo airson faicinn càite a bheil Deir an Siorrachd Obar Dheathain

Ged a chanadh cuid gu bheil e iomallach an-diugh bha Eilean Ì ri linn Chaluim Cille aig teis mheadhan slighe mara a bha ceangal choimhearsnachdan fad oirthir an iar Alba agus ceann a tuath Èirinn. Àite a bh’ ann aig an robh buaidh mhaireannach agus aig an robh làmh chudromach ann a bhith tionndadh nan Cruithneach agus an sluagh a bha ann an Northumbria chun a’ chreideimh Chrìosdail.

Ann an Gàidhlig ’s e Eilean Ì no Ì Chaluim Cille a bha air, a’ toirt dhuinn Icolmkill, an t-ainm Beurla a bha air fad linntean. Tha an t-ainm nuadh Iona a’ tighinn bho dhroch làmh-sgrìobhaidh dhen Laideann Ioua (Insula).

Tha an dealbh bhidio gu h-ìosal a’ sealltainn cho cudromach agus a bha na h-Eileanan Siar air an t-slighe mhara seo.

Download this video clip.Video player: Na h-Eileanan Siar
Le cead BBC
Na h-Eileanan Siar
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Thathas dhen bheachd gun deach an leabhar a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, Leabhar Cheanannais (an-diugh ann an Colaiste na Trianaid am Baile Ath Cliath ), a thòiseachadh agus ’s dòcha fiù ’s a chrìochnachadh ann an Eilean Ì tron ochdamh linn mus deach a thoirt a dh’Èirinn airson a chumail tèarainte nuair a bha na Lochlannaich a’ toirt ionnsaighean air na h-Eileanan Siar anmoch san ochdamh linn.

Dsmdgold/Wikipedia
Figear 3 Duilleag à Leabhar Cheanannais

Chan eil fianais làidir ann gun do smachdaich na Gàidheil na Cruithnich le armachd no gun deach na Cruithnich fhuadachadh. Timcheall 841 ghabh Coinneach mac Ailpein thairis crùn Dhàil Riata agus, dà bhliadhna às dèidh sin, dh’aonaich e na Cruithnich agus Gàidheil fo a cheannas-san. Mar chànan an riaghaltais, agus mòr-inbhe aice, ghabh a’ Ghàidhlig smachd gu nàiseanta, agus dh’fhalbh Cruithnis à fianais. ’S e Alba a bh’ air an rìoghachd mar ainm (mar a tha a-nise); bha an t-ainm air a bhith a’ riochdachadh Breatainn air fad anns an linn ro na h-Anglo-Sasannaich.

Thathar a’ lorg Scotland air a chleachdadh le muinntir na Beurla airson a’ chiad turais anns an 11mh linn; thathar dhen bheachd gun robh a’ Ghàidhlig air a bruidhinn le mòr-chuid dhen t-sluagh mun àm sin agus gum b’ i an teanga a bu chliùitiche san rìoghachd.

’S ann ann an dòigh-sgrìobhadh air cloich ris an canar Ogham a tha an sgrìobhadh as sine ann an Gàidhlig. Anns an 6mh linn AC, ge-tà, bha manaich ann an seòmraichean-sgrìobhaidh mhanachainnean a’ tòiseachadh air aibidil cànan na h-Eaglais – Laideann – a chleachdadh airson an cànan fhèin a chur ann an clò. Tha an aon aibidil (gu ìre mhòr) air a bhith aig a’ Bheurla agus Gàidhlig airson ùine mhòr mhòr ach b’ fheudar na litrichean Laidinn a chleachdadh airson fuaimean a riochdachadh nach robh buileach co-ionann anns gach cànan.

Bidh leughadairean aig nach eil ach a’ Bheurla Shasannach ag ionnsachadh gu luath nach eil na ‘riaghailtean’ a tha a’ dèanamh ceangal eadar litrichean is buidhnean litrichean (agus a tha gu math neo-riaghailteach ann am Beurla) ag obair anns an aon dòigh ann an Gàidhlig. Tha riaghailtean eadar-dhealaichte aig gach cànan. Mar eisimpleir, tha ‘b’ ann am meadhan facail nas coltaiche ri ‘p’ ann am Beurla. Agus tha rud sònraichte ann an Gàidhlig, nach eil ri lorg gu mòr ann am Beurla – an fhuaimreag thaiceil no Svarabhakti (tha an teirm a’ tighinn bho Shansgrait). Is e seo fuaimreag nach eil sgrìobhte ach a tha a’ dèanamh ath-aithris (gu ìre mhòr) air an fhuaimreig a bh’ ann roimhpe. Tha am facal ‘Alba’ fhèin na dheagh eisimpleir.

Ghabh a’ Ghàidhlig thairis bhon Chuimris anns a’ chuid mhòir de cheann a deas na h-Alba, a’ gabhail a-steach seann rìoghachd Shrath Chluaidh, aig deireadh nam meadhan-aoisean. Thathar a’ smaoineachadh, às dèidh do dh’arm na h-Alba a’ chùis a dhèanamh air na Northumbrianaich aig Blàr Charham 1 (anns na Crìochan) ann an 1018, gun do chuireadh stad air na h-Anglianaich bho bhith a’ leudachadh ann an Alba.

Ach tha e eucoltach gun robh na Gàidheil, ged a bha iad am measg nan uaislean ann an Lodainn agus san earra-dheas cho fada deas ri crìoch Shasainn (agus ’s dòcha thairis oirre), riamh anns a’ mhòr-chuid anns a’ cheàrnaidh sin. Ann an 1091, nuair a bha am fearann gu tuath air Abhainn Thuaidh fo cheannas rìgh Gàidhealach (ach a-mhàin anns an fhìor cheann a tuath is taobh an iar a bha fo smachd nan Lochlannach), tha an Anglo-Saxon Chronicle ag innse dhuinn gun deach Maolchalum III (1058-93) le arm ‘ut of Scotlande into Lodene on Englaland’ (a-mach à Alba gu ruige Lodainn ann an Sasainn); thathar an dùil gu bheil sin a’ ciallachadh gur e a’ Bheurla an cànan a bu chumhachdaiche ann an Lodainn.

Nuair a bha Maolchalum III air an rìgh-chathair, bha a’ Ghàidhlig a’ tighinn fo dhùbhlan mar phrìomh chànan na rìoghachd; faodar a ràdh gun do thòisich crìonadh na Gàidhlig ann an ceann a deas agus taobh an ear na h-Alba timcheall air deireadh an 11mh linn.

Bha grunn chànanan, a’ Ghàidhlig nam measg, aig ‘Calum a’ Chinn Mhòir’ (bha am far-ainm a’ buntainn ri a cheannas no ri meud a chinn). Ghabh e an rìgh-chathair às dèidh bàs MhicBheatha aig Blàr Lann Fhionghain ann an 1057. Phòs e Mairead, bana-phrionnsa a bha leth-Shasannach; bha a bràthair an dùil crùn Shasainn a ghabhail dha fhèin ach chaill e a chothrom an cois mar a ghabh Normanaich Sasainn thairis ann an 1066. Bhrosnaich Mairead, a rinneadh na naomh aig a’ cheann thall, adhbhar na Beurla anns a’ chùirt rìoghail agus san Eaglais.

Figear 4 A’ bhanrigh Mairead, a bhrosnaich adhbhar na Beurla anns a’ chùirt rìoghail agus san Eaglais

Stèidhich rìghrean às dèidh Mhaolchaluim bailtean le inbhe rìoghail ann an Alba nan Gàidheal anns am biodh an luchd-riaghlaidh, aig an robh sinnsearachd Normanach no Flannrasach gu tric, dìleas don chrùn agus do chleachdadh na Beurla.

Fhuair uaislean Anglo-Normanach fearann ann an grunn àiteachan. Ged a b’ iad Fraingis Normanach agus Laideann na cànanan a b’ fheàrr leotha aig tùs, thàinig iad fo bhuaidh na Beurla. An aghaidh sin, bha fineachan Gàidhealach le tùs Normanach 2 – mar na Frisealaich, Granntaich is Siosalaich – a ghabh a’ Ghàidhlig mar chànan. Aig an ìre seo, ’s ann dìreach anns a’ cheann a deas agus air a’ chosta sear a bha a’ Ghàidhlig a’ crìonadh agus, a dh’aindeoin ’s gun robhar a’ bruidhinn Beurla, Fraingis is Laideann anns a’ chùirt rìoghail, a bha a-nise stèidhichte ann an Dùn Èideann, ’s e a’ Ghàidhlig a bh’ aig a’ mhòr-chuid de shluagh na h-Alba. Thathar a’ smaoineachadh nach do chaill i an suidheachadh sin chun a’ 15mh linn.

Ann an Historia Majoris Britanniae (1521), sgrìobh Iain Major, feallsanaiche a rugadh ann an Lodainn, mun sgaradh chànanach ann an Alba, a’ gabhail ‘Irish’ air na Gàidheil:

‘The Irish tongue is in use among the former, the English tongue amongst the latter. One half of Scotland speaks Irish and all these as well as the Islanders … belong to the Wild Scots. In dress, in the manner of their outward life, and in good morals, .. these come behind the householding Scots.’

Ged a rinn e soilleir, mar a rinn Goill eile na latha, nach robh spèis mhòr sam bith aige do na Gàidheil, sgrìobh e ‘most of us spoke Irish a short time ago’.

Cha do chuir na rìghrean an cùil ri dualchas nan Gàidheal, ge-tà. Mar eisimpleir bha Alasdair III air a chrùnadh ann an Sgàin ann an 1249 anns an nòs thraidiseanta Ghàidhealach. Bha dùthchas measgaichte aig Raibeart Brus, Rìgh nan Albannach eadar 1306 agus 1329, agus am buadhair aig Blàr Allt a’ Bhonnaich ann an 1314; tha dùil gun robh Gàidhlig am measg nan cànanan aige. Bha dùthchas Normanach aig athair agus bha a’ mhàthair às a’ Charraig (a-nise ann an ceann a deas Siorrachd Adhair) a bha na Gàidhealtachd làidir aig an àm sin.

Bha Foirgheall Obar Bhrothaig na thagradh (sgrìobhte ann an Laideann) don Phàp ann an 1320, a’ sireadh aithneachadh oifigeil do dh’Alba mar rìoghachd neo-eisimeileach. Rinn am Foirgheall soilleir gun robh uaislean na rìoghachd gan tomhas fhèin mar Albannaich (Gàidheil) seach Cuimrich (Breatannaich), Cruithnich, Nirribhich, Dànaich no Sasannaich. ’S iad na Gàidheil gu ìre mhòr a chruthaich fèin-aithne nàiseanta na h-Alba.

Figear 5 ‘S e sgrìobhainn ainmeil a tha ann an Foirgheall Obar Bhrothaig a tha air a chumail ann an Tasglann Nàiseanta na h-Alba. Air a sgrìobhadh aig àm cogaidhean na saorsa an aghaidh nan Sasannach a thòisich nuair a dh’fheuch Èideard 1 ri smachd fhaighinn air Alba ann an 1296, tha an litir seo chun a’ Phàp bho iarlan agus barain na dùthcha ag iarraidh air gabhail ri Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach. Ged a chuireadh eòlaichean an-diugh ceist nan tagradh gu robh na h-Albannaich air imrich a dhèanamh bho ‘greater Scythia by the Tyrrene Sea and the Pillars of Hercules’ tha an creideas a bha aca ann am fèin-aithne Albannach follaiseach nuair a tha iad ag agairt, ‘Britons they first drove out, the Picts they utterly destroyed, and, even though very often assailed by the Norwegians, the Danes and the English, they took possession of that home with many victories and untold efforts; and, as the historians of old time bear witness, they have held it free of all bondage ever since.’

Fhad ’s a bha a’ Ghàidhlig a’ crìonadh anns a’ cheann a deas agus air a’ chosta an ear, ’s ann air an rathad eile a bha gnothaichean a’ dol anns a’ cheann a tuath agus san iar-thuath, le mòran dhaoine aig an robh dualchas Lochlannach no Lochlannach-Gàidhealach a’ tionndadh chun na Gàidhlig. ’S dòcha gur e am fear a b’ ainmeile dhiubh sin Somhairle, a tha a’ nochdadh an toiseach ann an 1140 mar regulus no rìgh Chinn Tìre. Nuair a chaochail an dà chuid, Daibhidh I nan Albannach agus Amhlaibh, Rìgh Mhanainn, ann an 1153, leudaich Somhairle an sgìre a bha fo a smachd, a dh’aindeoin mì-thoileachas nan Nirribheach a bha dhen bheachd gur ann leothasan a bha na h-eileanan. Mu dheireadh, bha rìoghachd-mhara aige a bha a’ dol eadar Eilean Mhanainn agus Leòdhas, agus dh’fhàs Innse Gall Gàidhealach a-rithist. Dh’èirich Rìoghachd no Tighearnas nan Eilean às a dhìleab – rìoghachd Ghàidhealach a thug dùbhlan do rìghrean na h-Alba air an taobh an iar agus a chaidh fodha dìreach aig deireadh a’ 15mh linn. Coimhead air an bhidio gu h-ìosal airson an tuilleadh ionnsachadh mu Thighearnas nan Eilean. Tha cuideam ga chur air neart na fo-rìoghachd seo aig an robh Gàidhlig mar phrìomh chànan.

Download this video clip.Video player: Tighearnas nan Eilean
Le cead BBC
Tighearnas nan Eilean
Interactive feature not available in single page view (see it in standard view).

Leig Nirribhidh seachad a h-uachdranas air a tìrean ann an Alba, ach a-mhàin Arcaibh is Sealtainn, do chrùn na h-Alba ann an Co-chòrdadh Pheairt (1266). Thug sin neart don Ghàidhlig air feadh an taoibh an iar agus sa cheann a tuath, agus fhuair i làmh-an-uachdair air Lochlannais anns na h-eileanan. Bha Norn, an cànan ionadail a dh’èirich bhon t-Seann Lochlannais, beò airson ùine ann an Gallaibh ach chaill i ann am farpais le Albais ann an leth an ear-thuath dhen sgìre agus le Gàidhlig anns an leth eile.

Thug a’ Ghàidhlig agus an t-Seann Lochlannais buaidh air a chèile thar nan ceudan, a’ fàgail dìleab a ghabhas faicinn fhathast ann an Gàidhlig (ghabh Lochlannais faclan Gàidhlig a-staigh cuideachd – leithid àirigh, coinneamh agus gadan – ach cha chluinnear Norn ann an Alba tuilleadh). Tha tùs Lochlannach aig faclan Gàidhlig mar uinneag, sgeir agus sgarbh, mar a th’ aig mòran dhen bhriathrachas co-cheangailte ris a’ mhuir. ’S dòcha gun tug Lochlannais buaidh cuideachd air dòighean labhairt nan Gàidheal, leithid a’ bhlas-chainnt Leòdhasach agus an ro-analachadh ann an Gàidhlig na h-Alba nach cluinnear ann an Gàidhlig na h-Èireann. ’S e ro-analachadh am fuaim mar ‘h’ no ‘ch’ a nochdas ro chuid de chonnragan (mar eisimpleir, canaidh na h-Èireannaich ‘mak’ seach ‘machk’ airson mac).

Aig deireadh an 14mh linn, bha a’ Bheurla air fàs cho cumhachdach ann an ceann a deas is taobh an ear na h-Alba gun robh ‘Highlander’ (no Hielandman) co-ionann ri ‘neach-labhairt na Gàidhlig’. Do na Gàidheil, b’ iad ‘garbh chrìochan’ a’ chinn a tuath A’ Ghàidhealtachd agus b’ iad tìrean ìosal a’ chinn a deas A’ Ghalltachd, ged a bha na Gàidheil riamh mothachail do na ceanglaichean eachdraidheil eadar an cànan agus na sgìrean de dh’Alba a bh’ air a dhol Gallta.

Aig an àm sin, bha droch bheachd aig mòran de luchd na Beurla air na Gàidheil; bha iad dhen bheachd gun robh na Gàidheil aig ìre na b’ ìsle a thaobh cultar is gnothaichean sòisealta. Ach, mar a sgrìobh fear dhiubh, John of Fordun, anns na 1380an, bha iad fhèin fhathast a’ dèanamh tuairisgeul dhen Ghàidhlig mar ‘a’ chainnt Albannach’.

‘[T]wo languages are spoken among them, the Scottish and the Teutonic; the latter of which is the language of those who occupy the seaboard and plains, while the race of Scottish speech inhabits the Highlands and out-lying islands. The people of the coast are of domestic and civilised habits, trusty, patient and urbane, decent in their attire, affable and peaceful, devout in Divine worship … the Highlanders and people of the islands, on the other hand, are a savage and untamed nation, rude and independent, given to rapine, ease-loving, of a docile and warm disposition, comely in person, but unsightly in dress, hostile to the English-speaking people and language … and exceedingly cruel.’