3.1.2 An Dealbh Mòr
Bha 58,652 duine a bhruidhneadh a’ Ghàidhlig aig àm Cunntas-sluaigh 2001 agus 19,750 eile a thuigeadh a’ chànan.
Den luchd-labhairt, bha 33,315 (57% den iomlan) a’ fuireach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. ’S ann anns na h-Eileanan an Iar (le 15,723 luchd-labhairt) a bu mhotha a bha, le 62.3% den t-sluagh gu lèir agus cuid a sgìrean nas àirde na 80%. Bha 35.5% de shluagh an Eilean Sgitheanaich (3,999 neach gu lèir) comasach air a’ Ghàidhlig a bhruidhinn agus bha aon sgìre nas àirde na 70%.
Bha an 13,593 a tha air fhàgail sgapte eadar Earra-Ghàidheal agus Bòd agus tìr-mòr na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach 2,820 ann am baile Inbhir Nis. Tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh gu làitheil anns a’ mhòr-chuid de na coimhearsnachdan sin, gu h-àraidh anns Na h-Eileanan an Iar agus san Eilean Sgitheanach.
Sgìre | Gàidhlig |
Comhairle nan Eilean Siar | 15,723 |
An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse | 3,999 |
An còrr den Ghàidhealtachd (Tìr-mòr) | 8,670 |
Earra-Ghàidheal agus Bòd | 4,168 |
Sgìrean Gàidhlig eile | 755 |
Iomlan, sgìrean Gàidhlig | 33,315 |
Bha 25,337 de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach an taobh a-muigh de na sgìrean traidiseanta Gàidhlig ann an 2001. Bha iad rim faighinn air feadh Alba, le àireamhan gu h-àraidh àrd ann am bailtean mòra mar Glaschu (5,731), Dùn Èideann (3,132) agus Obar Dheathain (1,420). Tha mòran dhiubh seo cuideachd a bhios a’ cleachdadh na Gàidhlig nam beatha làitheil: ann an seadh tha iad nan coimhearsnachd am broinn coimhearsnachd anns na bailtean sin.
Sgìre | Gàidhlig |
Iomlan, sgìrean Gàidhlig | 33,315 |
An còrr de Alba | 25,337 |
Iomlan | 58,652 |
Gheibhear map a’ sealltainn na tha de luchd-labhairt Gàidhlig anns a h-uile sgìre air feadh Alba ann an Aithisg na h-Oifis Clàraidh Choitcheann (GRO) air Cunntas-sluaigh 2001 aig: www.gro-scotland.gov.uk/ files/ gaelic-rep-english-appendix.pdf [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)]
B’ e 45.9 bliadhna an aois chuibheasach aig luchd-labhairt na Gàidhlig ann an 2001, 18% nas àirde na an aois chuibheasach aig sluagh Alba gu lèir (39 bliadhna). Tha an clàr seo a’ sealltainn na h-aon dealbh sin o shealladh eile.:
Aois | Luchd-labhairt |
0-20 bliadhna dh’aois | 10,158 |
45-64 bliadhna dh’aois | 16,855 |
Chaidh an graf seo ullachadh leis a’ bhuidheann-rannsachaidh, Sgrùd.
Gheibhear an graf seo agus feadhainn eile de a leithid aig: Comunn na Gàidhlig
’S e fileantaich a dh’ionnsaich a’ chànan anns an dachaigh agus a’ choimhearsnachd, mar as trice air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan, a tha anns a’ mhòr-chuid den luchd-labhairt as sine. A thaobh an fheadhainn as òige, tha a’ mhòr-chuid dhiubhsan a-nise a’ togail na Gàidhlig anns an sgoil, gu h-àraidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, air feadh Alba. Tha grunn inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd, cuid dhiubh o air taobh a-muigh Alba.
Bogsa 1
Gheibhear fiosrachadh mionaideach bho Chunntas-sluaigh 2001 aig: