6.4.3 Sgeulachdan agus òrain
’S e na seann òrain a tha air tighinn a-nuas thugainn sa bheul-aithris aon de na roinnean as prìseile de dhualchas na Gàidhlig. Tha fhios againn cuin a rinneadh feadhainn dhiubh oir tha tachartasan eachdraidheil air an ainmeachadh annta: mar eisimpleir, ’s e marbhrann boireannaich dha cèile a tha anns an òran ‘Griogal Cridhe’, a rinneadh nuair a bha Clann Ghriogair fo gheur-leanmhainn aig deireadh na 16amh linn. Gheibhear e air a sheinn le diofar dhaoine agus bhuidhnean air làrach-lìn a’ BhBC, Bliadhna nan Òran [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)] .
O chionn beagan bhliadhnaichean tha seinneadairean agus còmhlain mar Runrig air a bhith a’ sgrìobhadh òrain ann an nòsan ùra. Tha grunn de na h-òrain aig Runrig a chaidh a chlàradh le buidhnean eile, leithid Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.
Tha dualchas beairteach de sgeulachdan sa Ghàidhlig cuideachd: ’s e Popular Tales of the West Highlands aig Iain Òg Ìle an cruinneachadh as ainmeile dhiubh. Chaidh feuchainn anns na bliadhnaichean mu dheireadh ri aithris sgeulachdan a thoirt air ais mar chleachdadh. Chan eil an iomairt seo air a bhith uile-gu-lèir soirbheachail ach tha na sgeulachdan fhèin fhathast ann mar dhearbhadh, còmhla ri na h-òrain, air neart an dualchais sa Ghàidhlig.