Skip to content
Skip to main content

About this free course

Download this course

Share this free course

Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)
Cànan nan Gàidheal (Gaelic language)

Start this free course now. Just create an account and sign in. Enrol and complete the course for a free statement of participation or digital badge if available.

2.6 Na Cànanan Goidelic

Tha trì cànanan aig a bheil tùsan ann an seann Ghoidelic fhathast gam bruidhinn an-diugh agus tha dùbhlain mhòr romhpa uile. ’S i Gàidhlig na h-Èireann an tè as làidire. Tha i na cànan oifigeil aig Poblachd na h-Èireann agus bha 340,000 duine ag ràdh gun robh i aca mar chànan làitheil ann an Cunntas-sluaigh 2002, le 1,571,000 ag ràdh gun robh i aca gu ìre air choreigin (ged a tha mòran eòlaichean a’ cumail a-mach gum bi mòran nas lugha na seo ga cleachdadh gu làitheil ann an da-rìribh). Ann an Èirinn a Tuath, bha 167,000 duine ag ràdh gun robh Gaeilge aca ann an Cunntas-sluaigh na Rìoghachd Aonaichte ann an 2001, timcheall air 10 as a cheud de mhuinntir na mòr-roinne; bha 75,000 a’ cumail a-mach gun robh iad an ìre mhath fileanta. ’S iad na sgìrean as fheàrr airson Gaeilge a chluinntinn na ceàrnaidhean beaga Gaeltacht [Tip: hold Ctrl and click a link to open it in a new tab. (Hide tip)]  , far a bheil prìomhachas oifigeil aig a’ chànan; tha a’ chuid as motha de na ceàrnaidhean sin nan sgìrean dùthchail air an taobh an iar.

Tha Gàidhlig na h-Alba, coltach ri Gaeilge, air a comharrachadh le UNESCO mar ‘ann an cunnart’ ach tha i ann an suidheachadh nas miosa na Gaeilge; thuit i gu dìreach 92,400 neach-labhairt ann an Alba a thuirt gun robh comas cànain de sheòrsa air choreigin aca ann an 2001. Bha sin air a dhèanamh de 58,700 neach-labhairt agus 33,700 a b’ urrainn a leughadh, a sgrìobhadh no a tuigsinn. Leis cho truagh ’s a tha foghlam Gàidhlig air a bhith ann an Alba, bha 47 as a’ cheud dhen luchd-labhairt gun sgilean leughaidh sam bith no le sgilean leughaidh truagh anns a’ chànan.

Tha an suidheachadh seo a’ dol am feabhas, ge-tà. Eadar 1991 agus 2001 thuit an àireamh de luchd-labhairt 11 as a’ cheud, ach dh’àrdaich na bh’ ann de dhaoine le comas leughaidh is sgrìobhaidh 7.5 as a’ cheud agus 10 as a’ cheud le chèile. Ged a dh’fhuiling i crìonadh mòr, tha Gàidhlig na h-Alba fhathast gu furasta anns an leth as àirde de chànanan an t-saoghail, air a thomhas air àireamh luchd-labhairt agus, às dèidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha an stàite a’ cur airgead nach beag dha h-ionnsaigh.

’S e Bòrd na Gàidhlig a’ bhuidheann aig Riaghaltas na h-Alba as motha a tha ag obair às leth na Gàidhlig; tha prìomh thogalach na buidhne ann an Inbhir Nis, prìomh bhaile na Gàidhealtachd. Tha an làrach-lìn an seo.

Tha cànan Goidelic air a bhith ann an Eilean Mhanainn bhon 5mh linn AC a-mach, agus tha an teanga a dh’èirich bhuaipe, Gaelg (Gàidhlig Eilean Mhanainn), air a bruidhinn fhathast an-diugh, às dèidh dhi a bhith fo bhuaidh na Seann Lochlannais agus Beurla fad linntean. Bha Manainn mar phàirt de dhùthaich Thighearnas nan Eilean, a bha a’ gabhail a-steach eileanan taobh siar na h-Alba, agus anns an robh prìomhachas aig a’ Ghàidhlig. Às dèidh bàs an duine mu dheireadh aig an robh Gaelg mar chiad chànan ann an 1974, bha eòlaichean ag ràdh gur e cànan ‘marbh’ a bh’ innte. Ge-tà, cha do ghabh sin a-steach gun robh fhathast coimhearsnachd aig an robh i, stèidhichte air daoine a dh’ionnsaich i gu fileantachd mar dhàrna cànan.

Tha UNESCO a-nise air Gaelg a chomharrachadh aig an aon ìre ri Còrnais – ‘ann am fìor chunnart’. Ach, air sgàth obair le feadhainn a tha dèidheil air a’ chànan agus taic bho Riaghaltas Eilean Mhanainn, tha beatha às ùr air tighinn air Gàidhlig Eilean Mhanainn. Tha beagan foghlaim ann tro mheadhan na Gaelg, agus tha an àireamh de luchd-labhairt air a dhol suas gu mòr thar nan deicheadan a dh’fhalbh, bho 165 ann an 1961 gu 1,689 ann an 2001.

Tha na h-eadar-dhealachaidhean eadar na trì cànain Goidelic air a dhol am meud leis gun do chailleadh dualchainntean a bh’ air a bhith mar dhrochaidean eatarra. Mar eisimpleir, bha Gàidhlig Eilean Reachra (gu poilitigeach mar phàirt de dh’Èirinn) gu math dlùth ri Gàidhlig na h-Alba, agus ’s iongantach mura robh rudan anns a’ chumantas eadar na dualchainntean a bhathar a’ bruidhinn uaireigin ann an Cinn Tìre agus Gall-Ghàidhealaibh, agus Gàidhlig Ceann a Tuath na h-Èireann. Eadhon an-diugh tha faclan is abairtean ann an Gàidhlig Earra-Ghàidheal a bhiodh Gàidheil ceann a tuath na h-Alba a’ tomhas mar rudeigin ‘Èireannach’, mar a chithear anns a’ chlàr gu h-ìosal.

Clàr 3 Coimeas eadar faclan ann an Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig Earra-Ghàidheal agus dualchainntean ceann a tuath na h-Alba
Gàidhlig na h-ÈireannGàidhlig Earra-GhàidhealGàidhlig Ceann a Tuath na h-AlbaBeurla
ascaillasgaillachlaisarmpit
citealceatalcoirekettle
comharsacoimhearsnachnàbaidhneighbour
cosúilcosailcoltachlike, resembling
dreoilíndreòlandreathann-donnwren
go raibh maith agatgun robh maith agadtapadh leatthank you
gruaiggruagfalthair of the head
olannolannclòimhwool
siasix
siopasiopbùthshop

Mar an ceudna, bhiodh a’ chuid a bu mhotha de luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba a’ faighinn dualchainnt Thìr Chonaill (Ulaidh) na Gaeilge nas fhasa thuigsinn seach an fheadhainn a tha nas fhaide deas ann an Èirinn (tha an diofar eadar dualchainntean ann an Èirinn nas motha na ‘n diofar taobh a-staigh Gàidhlig na h-Alba). Gabhaidh seo faicinn leis an t-seantans: ‘Ciamar a tha thu?’

Clàr 4 Ciamar a tha thu?
AlbannachCiamar a tha thu? / Dè mar a tha thu?
Ulaidh (taobh an iar-thuath na h-Èireann)Cad é mar atá tú?
Connacht (taobh an iar na h-Èireann)Cén chaoi a bhfuil tú?
Mumhan (taobh an iar-dheas na h-Èireann)Conas atá tú?

Ach chan eil an seo ach tomhas bunaiteach, agus uaireannan bidh an dreach à Cúige na Mumhan anns a’ cheann a deas rudeigin aithnichte do Ghàidheal Albannach; airson ‘Ciamar a tha thu?’, mar eisimpleir, bidh cuid de dh’Albannaich ag ràdh: ‘Cionnas a tha thu?’!

A dh’aindeoin na th’ aca sa chumantas, tha eadar-dhealachaidhean an ìre mhath mòr ann eadar Gàidhlig is Gaeilge a tha gam fàgail mar chànanan fa leth, dlùth-chàirdeach a-nise, seach dualchainntean dhen aon chànan, mar a bha o chionn beagan cheudan bhliadhnaichean nuair a bhathar a’ bruidhinn na Gàidhlig gun bheàrn eadar Corcaigh is Gallaibh.

Tha an tràth làthaireach sìmplidh ann an gnìomhairean, a tha mar phàirt de Ghàidhlig na h-Èireann fhathast, air a dhol à bith ann an Gàidhlig na h-Alba far a bheil an tràth làthaireach leantainneach air a dhol na àite; bidh sin a’ cleachdadh an ainmeir ghnìomhairich. Mar sin, canaidh na h-Èireannaich tuigim (‘I understand’) fhad ’s a chanas na h-Albannaich tha mi a’ tuigsinn (gu litreachail ‘I am at understanding’). Agus tha seann riochd àicheil nichon air a dhol an giorrad ann an dòigh dhiofraichte anns an dà dhùthaich – ann an Èirinn agus chan ann an Alba (ged a chluinnear chan cuideachd ann an Ulaidh). Mar sin, gheibhear chan eil airgead agam ann an Gàidhlig agus níl airgead agam ann an Gaeilge.

Tha na stràcan, a tha a’ comharrachadh leudachadh fuaimneachadh fuaimreig, eadar-dhealaichte eadar an dà chànan. Ann an Gaeilge tha iad uile geur agus, ann an Gàidhlig, às dèidh ath-chruthachadh air an dòigh-sgrìobhaidh tràth sna 1980an, tha iad uile trom. Mar sin, chithear ‘Fáilte’ air soidhnichean ann an Èirinn, agus ‘Fàilte’ ann an Alba. Bidh cuid de dh’fhaclan a’ gabhail cuideam air an lide mu dheireadh ann an Èirinn, gu sònraichte anns a’ cheann a deas, ach bidh Gàidheil Albannach an ìre mhath an-còmhnaidh a’ cur cuideam air a’ chiad lide ann am facal. Mar sin, canaidh na h-Èireannaich bradán airson bradan agus arán airson aran.

Ghlèidh Gàidhlig na h-Alba an dòigh chlasaigeach airson an riochdair pearsanta iolra sibh a chleachdadh airson urram fhoillseachadh do dh’aon neach. Mar sin, canaidh sinn ‘Ciamar a tha sibh?’ ri cuideigin a tha ginealach nas sine, seach ‘Ciamar a tha thu?’ Ann an Gaeilge, ge-tà, cha chleachdadh duine sibh ach a-mhàin nuair a bhiodh e a’ bruidhinn ri barrachd air aon duine.

Tha na riaghailtean a thaobh teàrnadh, ’s e sin mar a dh’atharraichear facal a rèir na tha a dhìth a thaobh gràmar, eadar-dhealaichte uaireannan cuideachd, agus thug cànanan eile buaidh eadar-dhealaichte air Gàidhlig is Gaeilge aig amannan. Mar eisimpleir, tha Gàidhlig na h-Alba air faclan-iasaid a thoirt bho Albais is Seann Lochlannais ann an dòigh eucoltach ri Gàidhlig na h-Èireann (ged a tha faclan-iasaid Lochlannach ann an Gaeilge). Ach tha an dà theanga air faclan a thoirt bhon Bheurla Shasannaich ann an dòigh car coltach.

Tha maothachd nam fuaimean a chluinnear tric aig connragan ann an Gàidhlig na h-Alba mar thoradh air an uiread de shèimheachadh sa chànan (’s e sèimheachadh maothachadh chonnragan a thathar a’ comharrachadh le ‘h’ às dèidh na connraig) agus ro-analachadh, far a bheil ‘h’ no ‘ch’ air a ràdh, gun a bhith sgrìobhte, ron chonnraig). Chan eil a leithid ann an Gàidhlig na h-Èireann ach nochdaidh e ann an Innis Tìlis, Fàrothais agus Nirribhis (agus, gu h-inntinneach ann an cànanan Artach nach eil càirdeach don fheadhainn eile, leithid Sàmi agus Graonlainnis). Air sgàth ro-analachadh, bidh na h-Èireannach ag ràdh ‘mak’ airson mac; bidh na Gàidheil Albannach ga fhuaimneachadh ‘machk’.

Tha na siostaman sgrìobhaidh airson Gàidhlig agus Gaeilge car coltach ri chèile, agus iad stèidhichte air an t-siostam a bh’ ann airson sgrìobhadh na Gàidhlig chlasaigich a bh’ air a cleachdadh leis na h-uaislean foghlamaichte anns an dà dhùthaich; mar sin, tuigidh feadhainn a leughas Gàidhlig na h-Alba bunaitean teacsa Gaeilge; tha e ag obair anns an dòigh cheudna air an rathad eile cuideachd. Ach tha siostam sgrìobhaidh Gàidhlig Eilean Mhanainn gu math eadar-dhealaichte agus doirbh a leughadh do Ghàidheil à Alba is Èirinn. Chaidh a’ siostam sgrìobhaidh a chruthachadh anns an 17mh linn agus tha e stèidhichte gu ìre mhòr air na siostaman airson Beurla is, gu ìre nas lugha, Cuimris. Chithear cuid de na h-eadar-dhealachaidhean anns a’ chlàr gu h-ìosal.

Clàr 5 Coimeas eadar na dòighean sgrìobhaidh airson Gàidhlig, Gaeilge is Gaelg
Gàidhlig na h-AlbaGàidhlig na h-ÈireannGàidhlig Eilean MhanainnBeurla
a’ bheanan bheanyn venthe wife, woman
ceannceannkionea head
deochdeochjougha drink
DimàirtDé MáirtJemayrtTuesday
gu leòrgo leordi liooarenough
iasgiasceeasta fish
lochlochlogha lake
seòmarseomrashamyra room
tethteçhehhot